Sgrùdadh air buaidh faraidhean a' Chorrain
- Air fhoillseachadh

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air a' bhuaidh a bhios aig àrdachadh air faraidhean Aiseag a' Chorain an Loch Abair air an sgìre.
Dh'aontaich Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin ri àrdachadh de 30sg sa chomantas air gach ticead son chàraichean, agus barrachd airson charabadan eile.
Chuir an co-dhùnadh fearg air mòran de mhuinntir Àird Dhobhair agus na Morbhairne, agus iad a' cumail a-mach nach eil an t-àrdachadh iomchaidh air seirbheis dheatamaich.
"Nam bharaill-sa, cha deach seo a thabhann, ach airson daoine a chumail sàmhach," thuirt Màiri Anna NicUalraig, a tha a' fuireach ann an Àird Dhobhair.
Ceistean
"Nan robh dragh ann an da-rìribh orra a thaobh na buaidhe a dh'fhaodadh àrdachadh phrìsean a thoirt air a' choimhearsnachd air an taobh seo den linne, cha robh còrr na prìsean a dhol suas idir.
"Ach 's e a thachair, thairis air na h-ochd mìosan a dh'fhalbh, gun do dh'aontaich iad aig toiseach na bliadhna gun robh iad airson suas ri £100,000 a thrusadh, agus gun robh iad a' dol a dhèanamh sin tro fharaidhean.
"Agus ged a bhan coltas ann gun robh beachdan a' phobaill gan trusadh, cha robh sian de bheachd aig a' Chomhairle ach an t-airgead a bha sin a thrusadh air dhòigh air choireigin tro a bhith a' cur àrdachaidh air na faraidhean.
"An-dràsta tha àrdachadh mòr, chan e a-mhàin 30sg air aon ticead, ach 16% air na leabhraichean do dhaoine a tha a' cleachdadh an aiseig anns a' chumantas, agus 45% do na làraidhean mòra a tha a' cumail bathair agus seirbheisean ri gnìomhachasan an leth-eilein gu lèir.
"Mar sin, 's e slaic, ann an da-rìribh, a th' ann, agus tha e a' nochdadh nach eil diù aig a' Chomhairle - mar a bu chòir a bhith aca a thaobh nan dleastanasan a gheall iad fhèin - ann a bhith a' dìon nan coimhearsnachdan air an taobh a tha seo, a tha a' tighinn beò ann an suidheachadh gu math cugallach.
"Tha iomadh ceist ann a thaobh sgrùdaidh.
"Cha deach nochdadh an-dè, ach gun deadh beachdachadh air an leithid a dhèanamh.
"Cha do rinn e fiù 's gealltainn gun deadh a dhèanamh taobh a-staigh na bliadhna-ionmhais a tha seo.
"A bheil e a' dol a bhith neo-eisimeileach?
A bheil e a' dol a bhith air taobh a-staigh na Comhairle?
A bheil e a' dol a bhith air a làimhseachadh ann an co-bhanntachd leis na coimhearsnachdan fhèin?
Dè an t-amas, aig deireadh an là, a tha romhpa, ma tha de lèirsinn aca na tha a' beachdachadh air an t-slighe air adhart, dhan t-slighe tarsainn a' Chorrain?
"Chan eil iad air an leithid a nochdadh.
"Tron àrdachadh a thachair an-dè, cha tèid aca fiù 's air a' £100,000 a tha iad ag ràdh a tha a dhìth air na leabhraichean a thrusadh troimhe sin.
"Agus mar sin, bidh sinn ann an suidheachadh taobh a-staigh, chanainnsa dà bhliadhna aig a' char as fhaide, nuair a bhios iad a' tilleadh a-rithist agus ag ràdh 'tha beàrn ann an sin nach gabh a lìonadh. Feumaidh sibhse barrachd a phàigheadh a-rithist'," thuirt i.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh an t-àrdachadh a dhìth airson ionmhas a thogail mu choinneimh bhuidseatan a chaidh aontachadh, agus mu choinneimh chosgaisean connaidh agus obair-càraidh air an t-soitheach.
Dh'aontaich a' Chomhairle cuideachd lùghdachadh a thoirt air na tha de thiceadan ann an leabhraichean de thiceadan airson pheinnseanairean.
Dh'fheuch fear de chomhairlichean na sgìre, Anndra Bacastair, gun deadh an t-àrdachadh a chru dheth chun na h-ath-bhliadhna-ionmhais, ach cha deach gabhail ri sin, ri linn 's gun robh a' Chomhairle air aontachadh mar thà àrdachadh a chur an sàs mar phàirt de phròiseas a' bhuidseit.