Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bill Walker

Chaidh Bill Walker, a bha na bhall do sgìre Dhùn Phàrlainn ann am Pàrlamaid na h-Alba, a chur dhan phrìosan airson bliadhna an dèidh a dhìteadh air còrr is 20 casaid mu dhochann san dachaigh. Leig Mgr Walker, a tha 71, dheth a dhreuchd bho chionn cola-deug, agus bidh fo-thaghadh ann an Dùn Phàrlainn air a' 24mh là den ath-mhìos.

Siria

Thàinig dà bhuidhinn reubaltach ann an Siria, a bha a' sabaid an aghaidh a chèile, gu fois-fòirneirt. Tha Ioslamaich aig a bheil ceangal ri Al Qaeda, air baile Azaz a ghabhail bho Arm Shaor-Shiria, aig a bheil taic dùthchannan an taobh siar.

Drabastairean-cloinne

Thàinig rabhadh bho Ionad Dìon na Cloinne (CEOP) gu bheil drabastairean a' toirt a' chair à cloinn air loidhne, agus an uair sin a' maoidheadh orra gun cuir iad dealbhan mì-iomchaidh dhiubh gu ruige nan teaghlaichean aca agus air an eadar-lìon. Tha Poilis na h-Alba a' rannsachadh cùis deugaire à Dùn Phàrlainn, agus amharas ann gun do chuir e làmh na bheatha fhèin, an dèidh do chuideigin a' char a thoirt às air loidhne.

Mèirle Bhanca

Tha ochdnar dhaoine an grèim fo amharas mu mhèirle aig meur de Bhanca Barclays ann an ceann an iar-thuath Lunnainn. Ghabh iad smachd air coimpiutair a' bhanca an dèidh do dh'fhear a leig air gur e einnsinnìr a bh' ann tadhail air a' bhanca ann an Swiss Cottage. Thuirt Scotland Yard gun deach an uair sin £1.3m a ghluasad bhon bhanca gu cunntasan banca eile.

Comhairlean Eileanach

Tha an dà thaobh anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba a' cur an argamaid an-diugh ri cruinneachadh nan comhairlean eileanach ann an Arcaibh a tha ag iarraidh tuilleadh chumhachdan ann dèidh referendum na h-ath-bhliadhna. Chuala an cruinneachadh an-dè gu bheil comhairlean nan Eilean Siar, Arcaibh agus Shealtainn, ag iarraidh làn-phàirt cuideachd ann an còmhraidhean ris an Aonadh Eòrpach.

Coilltean Ratharsair

Tha muinntir Ratharsair ag ràdh gu bheil cus airgid ga iarraidh air fearann coille an eilein a tha iad airson a cheannach. Chaidh luach £400,000 air 300 hectaire, agus ged a tha na h-Eileanaich ag aideachadh gu bheil sin coltach gu leòr air a' mhargaidh fhosgailte, tha iad ag ràdh gu bheil e ag iarraidh cus air buidhinn choimhearsnachd. Tha dragh orra cuideachd gun cuir riaghailtean farpais Eòrpach casg air na gheibh iad de thaic-airgid phoblach.

Aiseag a' Chorrain

Tha muinntir Àird nam Murchan a' gearain gu bheil Comhairle na Gàidhealteachd a' dol air adhart le àrdachadh air faraidhean Aiseig a' Chorrain ann an Loch Abair. Cuiridh sin 30sg ri prìs aon ticead. Ach tha caothach air muinntir na sgìre gum bi leabhar le 30 ticead do dhaoine a tha a' cleachdadh an aiseig tric £9 nas daoire.