BBC Naidheachdan

Seann dealbhan de sgìre Gheàrrloich

Published
image captionTaigh Barabail - a' chiad taigh-tasgaidh ann an Geàrrloch, air Croit 46 anns an Lòin Mhòr. Bha seo na thaigh-tasgaidh anns na 1930an. Chaidh an taigh a leagail ann an 1953.
image captionPeigi NicCoinnich na seasamh air stairsnich a taighe ann am Mealbhaig le Coll an cù, anns na 1960an. Tha mullach tughaidh fhathast air an taigh seo, ged a tha e gus tuiteam.
image captionCoinneach MacCoinnich ag obair san fheur air Croit 11, Mealbhaig anns na 1950an. Bha Coinneach na chroitear agus na fhear-saothrach, a bha cuideachd ag obair air sgema hydro Chearradail.
image captionBoireannach a' toirt a' bhotail do dh'uan air teadhair ann an Eàrradail a Deas.
image captionLìn iasgaich gan tioramachadh san t-Srath, Geàrrloch, le bàtaichean air an tarraing suas an cladach. Tha am bothan iasgaich ann am meadhan an deilbh seo na thaigh-samhraidh a-nis.
image captionCroitear agus a bhean a' cur a' bhuntàta le pleadhag air croit ann an Sannda Mhòr.
image captionCeathrar fhireannach taobh a-muigh a' bhothain iasgaich ann an Geàrrloch ann an 1937.
image captionNa h-Amhlaich nan suidhe aig doras an taighe san Eirtheaire, anns na 1920an.