Coilltean Ratharsair ro dhaor
- Air fhoillseachadh

Tha muinntir Ràtharsair ag ràdh gu bheil Coimisean na Coilltearachd ag iarraidh prìse ro mhòr air fearann coille san eilean.
Tha Companaidh Coimhearsnachd Ratharsair ag iarraidh am fearann a th' aig a' Choimisean san eilean a cheannach, agus an Coimisean airson a chur bhuapa.
Ach tha iad ag iarraidh £400,000 air an 300 hectaire (740 acair).
Tha a' chompanaidh coimhearsnachd ag ràdh gu bheil a' phrìs sin ceart gu leòr airson buidhnean a bhiodh ga cheannach air a' mhargaidh fhosgailte, ach gu bheil e ro mhòr do bhuidhinn choimhearsnachd.
Tha iad cuideachd draghail gu bheil riaghailtean Eòrpach a' fàgail gum bi casg air na gheibh iad de thaic-airgid airson a cheannach, ri linn 's gur e rud a th' ann am fiodh a bhios ga reic eadar dùthchannan.
Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) gu bheil iad ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba feuch a dhèanamh cinnteach gun tèid uidhir 's a ghabhas de thaic-airgid toirt seachad do bhuidhnean coimhearsnachd a tha ag iarraidh talamh coilltearachd a cheannach.
Tha Oifigear Leasachaidh Ratharsair, Lloyd Gudgeon, ag ràdh gu bheil a' choimhearsnachd an dòchas gun gabh beachdachadh air a' chùis aca fo riaghailtean eile.
"Cha bhi dùil againn ri barrachd na 20% de phrìs an fhearainn ann an taic bhon Riaghaltas," thuirt e.
"Cha mhòr an t-suim sin nuair a th' agad ri £400,000 a thogail.
"Ach ma cheannaicheas sinn e, 's ma thèid againn air obraichean agus dachaighean air prìs reusanta a chruthachadh leis, bheir sin lùghdachadh air cosgaisean do roinnean eile den Riaghaltas. Sochairean taic teachd-a-steach mar eisimpleir," thuirt e.