Teine aig muileann-sàbhaidh an Inbhir Narann
- Air fhoillseachadh

Thòisich rannsachadh mu theine aig muileann-sàbhaidh ann an Inbhir Narann.
Chaidh na dusanan luchd-smàlaidh a ghairm feasgar Diardaoin nuair a chaidh lasairean fhaicinn a' tighinn bho làrach-ghnìomhachais Gordon's Timber ann an ceann a deas a' bhaile.
Thòisich an teine mu 6:45f agus thàinig sia carbadan-smalaidh bho Inbhir Narann agus Inbhir Nis.
Chaidh faisg air an treas cuid den mhuillinn-shàbhaidh a sgrios san teine.
Mhill an ceò pìosan eile den togalach.
Chaidh uidheamachd a sgrios cuideachd.
Fhuair an luchd-smàlaidh smachd air an teine mu 9:00f.
Cha deach duine a ghoirteachadh.
Nithear sgrùdadh a-nis faic dè a dh'adhbhraich an teine.
'S i Gordon's Timber tè de na companaidhean prìobhaideach as motha a tha air a bhith a' toirt cosnaidh sa bhaile thar còrr is ceud bliadhna.