Taic airgid àiteachais eadar-amail

Caoraich
Image caption Tha tuathannaich agus croitearan a' crochadh air taic airgid Eòrpach.

Dh'fhoillsich Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, maoineachadh eadar-amail 'son cuid de na sgeamaichean taice a tha ri fhaotainn do thuathanaich.

Tha dàil ann am Poileasaidh Coitcheann ùr an Àiteachais, an CAP, a' ciallachadh nach bi cuid de na sgeamaichean taice ùra ann an àite an ath-bhliadhna.

Tha dòchas ann gum mair am maoineachadh eadar-amail gus an tèid an CAP ùr a chur an sàs ann an 2015.

Bha fios gun cailleadh cuid suimean airgid ri linn an dàil ann a bhith ag aontachadh CAP ùr.

Ach thuirt Mgr Lochhead gun do rinn e na bha tuathannaich ag iarraidh le a bhith a' cur maoineachaidh eadar-amail air dòigh.

Tha Mgr Lochhead ag ràdh gun tèid £500m a phàigheadh dha tuathanaich agus croitearan, agus gun lean nas urrainn de Phrògram Leasachaidh Sgìrean Dùthchail na h-Alba, anns a bheil luach £1.2bn an ath-bhliadhna.

Bidh Suimean Singilte nan Tuathan fhathast ri fhaighinn an an 2014, leis an t-siostam ùr a' tòiseachadh ann an 2015.

Leanaidh sgeama taic nan sgìrean nach eil cho torrach, an LFASS, an ath-bhliadhna agus ann an 2015.

Thèid cùmhnantan àiteachais-àrainneachd, am measg sin aontaidhean organach, a bha còir ruith a-mach aig deireadh na Dùbhlachd a leudachadh bliadhna eile.

Tha an Riaghaltas fhathast a' cur air adhart argamaid 'son cead fhaighinn leigeil leis an sgeama LEADAR leantainn.

Tha dùil ri co-dhùnadh mu sin san t-Samhain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile