Croitearan "slaodach" air croitean a chlàradh
- Air fhoillseachadh

Chuala coinneamh bhliadhnail Caidreachas Croitearachd na h-Alba gur e glè bheag a th' air na croitean aca a chlàradh aig an ìre seo.
Fo riaghailtean ùra, feumaidh clàran croite a bhith air an lìonadh, agus mapaichean air an dealbhachadh, ma tha duine sam bith airson atharrachadh a dhèanamh air croit.
Chan e rud a dh'fheumas a h-uile croitear a dhèanamh.
"Tha rud beag airgid ann dhaibh ma gheibh iad an rud a-steach ro dheireadh na h-ath-mhìos," thuirt Murchadh MacIllinnein, a tha na Choimiseanair air Coimisean na Croitearachd.
"Chan eil fhios agam am bi cus dhaoine a' leum air sin aig deireadh na mìos, ach bidh fios aig a' mhòr-chuid, ma tha iad a' dol a dhèanamh càil mu dheidhinn nan croitean anns na bliadhnaichean a tha a' tighinn, gum feum an clàr a bhith dèanta.
"Ma tha duine ag iarraidh assignation no dì-chroitearachd a dhèanamh, feumaidh iad an uair sin an obair timcheall air a' chlàr a dhèanamh.
"Ach chan fheum a h-uile duine nach eil a' dèanamh càil mu dheidhinn an lot sin a dhèanamh.
"Ach air dhòigh eile, bidh e math do dhaoine seo a sgioblachadh dhaibh fhèin uaireigin, gun fhàgail ro fhada," thuirt e.