Tubaist mhairbhteach air an A82
- Air fhoillseachadh
Tha poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist air an A82 Disathairne far an deach boireannach a mharbhadh.
Bhuail bus agus carbad le carabhan na chèile faisg air Dùn Eun taobh a-muigh Inbhir Nis goirid an dèidh 2:00f.
Bha am boireannach, a bha 78 bliadhna de dh'aois, a' siubhail sa charbad.
Cha do dh'fhoillsich na Poilis a h-ainm fhathast.
Thugar dràibhear a' charbaid a dh'Ospdal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Cha deach e càil na bu mhiosa.
Cha deach duine air bòrd a' bhus a ghoirteachadh.
Dh'iarr oifigearan air duine sam bith a chunnaic na thachair a dhol thuca.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh