Ùidh coimhearsnachd ann an taigh-cùirte Dhòrnach
- Air fhoillseachadh

Leanaidh oidhirp buidheann choimhearsnachd taigh-cùirte Dhòrnaich a cheannach.
Tha an taigh-cùirte ga dhùnadh mar phàirt de dh'oidhirp Seirbheis Chùirtean na h-Alba £4m sa bhliadhna a shàbhaladh.
Gluaisidh obair na cùirte gu Taigh-Cùirte Bhaile Dhubhthaich.
Tha Companaidh Coimhearsnachd Sgìre Dhòrnaich ag ràdh nach eil iad airson 's gun tèid an togalach a tha an teis-meadhan a' bhaile bhuaithe.
Thuirt cathraiche na companaidh, Jennifer Camshron, gum feumadh iad ùidh san togalach a chlàradh mus innseadh Riaghaltas na h-Alba dhaibh na chosgadh e.
Sgrùdadh
Tha a' chompanaidh air sin a dhèanamh.
Bidh aig an Riaghaltas ri neach fhastadh a chuireas luach air an togalach.
Tha dòchas aig a' chompanaidh gun tèid sin a dhèanamh taobh a-staigh sia seachdainnean.
"Ma chanas iad gun cosg e na milleanan notaichean, 's dòcha gum feum sinn tarraing a-mach às a' phròiseas.
"Aig an ìre seo tha sinn dìreach a' cumail an dorais fosgailte.
"San eadar-ama, tha sinne a' cumal a' dol le sgrùdadh ion-dhèantachd, agus 's dòcha le plana gnothachais, ma tha plana làidir gu leòr againn," thuirt Jennifer Chamshron.
Aon uair 's gu bheil luach an togalaich aca agus gu bheil na sgrùdaidhean aca dèanta, tha dùil aig a' chompanaidh a dhol dhan choimhearsnachd leis na beachdan aca air na ghabhadh a dhèanamh leis an togalach.
Thèid cothrom a thoirt dhan choimhearsnachd an uair sin bhòtadh air a bheil iad airson 's gun tèid an togalach a cheannach às an leth, neo nach eil.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 11 An t-Ògmhios 2013
- 14 An Dùbhlachd 2012
- 21 An t-Sultain 2012