Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceinia

Tha ceannaircich Ioslamach fhathast a' cumail mu dheichnear dhaoine am bruid aig ionad bùtha ann an Nairobi ann an Ceinia. Bha tuilleadh losgadh gunna ri chluinntinn an sin anns a' mhadainn an-diugh. Chaidh 69 a mharbhadh, agus triùir à Breatainn nam measg, bho thòisich an t-sèist Disathairne. Bidh am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, os cionn coinneimh na comataidh èiginn Cobra, a bhios a' deasbad an t-suidheachaidh feasgar an-diugh.

Peinnseanan

Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh pàipeir le am plana airson peinnseanan ma thèid bhòtadh airson neo-eisimeileachd san Referendum an ath-bhliadhna. Dh'fhaodadh gum faigheadh daoine peinnsean na stàite nas tràithe ann an Alba oir gu bheil an ùine-beatha an Alba nas giorra na tha sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte. Tha an iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd ag ràdh nach deach cosgais a' phlana sin a dhearbhadh fhathast.

Rolf Harris

Bha Rolf Harris anns a' chùirt ann an Lunnainn an-diugh fo 13 chasaidean mu ionnsaighean drabasta. Tha an cleasaiche fo chasaid gun do thachair na h-ionnsaighean an aghaidh dithis nighean a bha 14 bliadhna, agus tè eile nuair a bha i eadar 15 agus 16 eadar 1980 agus 1986. Cha tuirt e dad, ach gun tug e seachad ainm, aois, agus far a bheil e a' fuireach. Tillidh e gu Cùirt a' Chrùin ann an Southwark air an 7mh là den ath-mhìos.

Dùn Phàrlainn

'S e an-diugh an là mu dheireadh airson duine ainmeachadh airson seasamh ann am fo-thaghadh sgìre Dhùn Phàrlainn ann am Pàrlamaid na h-Alba an dèidh do Bill Walker a dhreuchd fhàgail. Chaidh esan a chur dhan phrìosan Dihaoine airson bliadhna, an dèidh a dhìteadh airson còrr is fichead casaid co-cheangailte ri dochann anns an dachaigh.

Na Làbaraich

Tha na Làbaraich ag iarraidh air an OBR - an oifis ris a bheil buidseat an urra - sùil a chumail air na gheallas iad nam manifesto aig an ath-thaghadh choitcheann. Tha na Tòraidhean ag ràdh nach eil an sin ach cleas.

Pagastan

Tha ar-a-mach am measg an t-sluaigh ann am bailtean air feadh Pagastan an dèidh ionnsaighean boma fèin-mhairbhteach aig eaglais ann am Peshawar an-dè, anns an deach 80 duine a mharbhadh. Tha luchd-iomairt ag iarraidh tuilleadh dìon agus chòirichean dha na mion-shlòigh.

Eucoir

Tha aon duine anns gach deichnear an Alba ag ràdh gun tug eucoir buaidh orra gu pearsanta anns na trì bliadhna mu dheireadh. Tha an sgrùdadh do Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun tuirt cha-mhòr leth dhiubh sin gun do dh'fhulaing iad le mèirle, no briseadh a-steach dhan dachaigh. Agus tha an sgrùdadh ag ràdh gu bheil 84% de dh'Albannaich den bheachd gu bheil eucoir cruthaichte, (organised crime) na fhìor-thrioblaid, agus tha an àireamh sin ag èirigh gu 90% anns na sgìrean anns a bheil a' bhochdainn as miosa.