£4m a bharrachd airson foghlam Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur £4m a bharrachd ris na tha ga chosg air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig thar an dà bhliadhna ri teachd.
Thèid an t-airgead a chur an sàs ann an sgoiltean air feadh na dùthcha far a bheil iarrtas.
Dh'ainmich Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, an t-airgead agus Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann gu bhith air a fosgladh gu h-oifigeil an t-seachdain seo.
Thèid cuideachd figearan Gàidhlig a' Chunntais-Shluaigh bho 2011 fhoillseachadh.
"Tha a bhith a' tàladh chloinne chun na Gàidhlig riatanach mar phàirt den oidhirp againn air an cànan a ghlèidheadh mar phàirt bheò den chultar againn," thuirt e.
"Tha sinn air a chur romhainn cur gu mòr ris na th' ann de luchd-labhairt na Gàidhlig.
"Thèid am fiosrachadh air na th' ann de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba, a chaidh a chruinneachadh mar phàirt de Chunntas-sluaigh 2011, fhoillseachadh an t-seachdain seo.
"Tha fhios againn gu bheil na h-àireamhan de luchd-labhairt air a bhith a' crìonadh o chionn ùine mhòir.
"'S e sin as coireach gu bheil a bhith a' brosnachadh chloinne gus an cànan ionnsachadh cho cudromach," thuirt e.