Pròiseact a' cur taic ri iomairt Fly Skye
- Air fhoillseachadh

Tha pròiseact acadaimigeach ga chleachdadh mar phàirt den iomairt seirbheisean adhair coimearsalta ath-stèidheachadh san Eilean Sgitheanach.
Tha oileanaich ailltearachd ann an Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' dealbh ionaid agus ghoireasan a dh'fhaodadh a bhith aig raon-laighe Aiseig, ma thèid aontachadh seirbheisean adhair a thòiseachadh an sin a-rithist.
Bha a' chompanaidh Loganair a' ruith sheirbheisean a-mach à Raon-Laighe Aiseig suas gu 1988, agus tha an raon-laighe fhathast ri fhaotainn do na seirbheisean èiginn.
Fly Skye
Tha iomairt Fly Skye ag amas air seirbheisean coimearsalta ath-stèidheachadh anns an eilean.
Thuirt fear de bhuill na buidhne, Boyd Robasdan, gum bi an obair a tha na h-oileanaich a' dèanamh ann a bhith ag obrachadh a-mach na chosgadh na goireasan air fad a bhiodh a dhìth gu math feumail dhaibh-san.
"Bidh an obair a tha na h-oileanaich a' dèanamh na cuideachadh dhuinne ann a bhith a' dol chun an Riaghaltais agus ag ràdh "faodaidh sibh togalach ùr a chur suas aig a' phrìs seo agus le na seirbheisean seo ann," thuirt e.
'S e amas Fly Skye, gun tòisich seirbheisean adhair a-mach 's a-steach às an Eilean Sgitheanach a-rithist an ath-bhliadhna.
Tha Mgr Robasdan fhathast dòchasach gun tachair sin.
"Bhitheamaid an dòchas gum bi gluasad sònraichte ann deireadh na bliadhna nuair a thig an aithisg bhon bhuidhinn oifigeil a tha a' dèanamh barrachd chnuasachaidh air a' cheist - gum bi adhartas mòr ga dhèanamh tràth sa bhliadhna ùir," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar 2013
- Air fhoillseachadh29 An Dàmhair 2012