Panal na Cloinne a' sireadh bhall

  • Air fhoillseachadh
Nighean
Fo-thiotal an deilbh,
Tha fireannaich gu sònraichte a dhìth air Panal Cloinne nan Eilean Siar.

Thathas ag iarraidh barrachd dhaoine, agus fireannaich gu sònraichte, airson a dhol air Panal na Cloinne anns na h-Eileanan an Iar.

Tha seo mar phàirt de dh'oidhirp nàiseanta an t-seachdain seo airson buill ùra a lorg.

Tha panal cloinne aig a h-uile comhairle ann an Alba, agus bidh iad a' dèiligeadh ri suidheachadh sam bith far a bheil clann ann an duilgheadas agus gum feum an stàit gnothach a ghabhail riutha.

Bidh buill a' dèanamh na h-obrach gu saor-thoileach, agus tha iad a' faighinn trèanadh air a son.

Fireannaich is Boireannaich

"Tha sinn a' lorg tòrr sheòrsaichean dhaoine," thuirt Ina NicÌomhair, a tha na ball air Panal Cloinne nan Eilean Siar.

"Daoine a tha math air èisteachd, daoine a tha math air a bhith a' dèiligeadh ri suidheachaidhean 's dòcha a tha, gu tric, rudeigin duilich.

"Daoine aig a bheil ùidh ann an clann agus ann an teaghlaichean, agus a tha ag iarraidh a bhith a' dèanamh rudan a chuidicheas teaghlaichean a th' ann an trioblaid air feadh Alba.

"Ach cha leig daoine leas teisteanasan sam bith a bhith aca airson cur a-steach airson panal na cloinne.

"Bu chaomh leinn daoine fhaighinn às a h-uile pàirt den choimhearsnachd againn.

"Ach anns na h-Eileanan an Iar co-dhiù, tha sinn an-dràsta rudeigin gann de dh'fhireannaich.

"Tha sinn ag iarraidh bhoireannach cuideachd. Ach tha barrachd bhoireannach againn air a' phanal na tha de dh'fhireannaich.

"Agus feumaidh boireannaich agus fireannaich a bhith nan suidhe air a' h-uile panal.

"Faodaidh daoine cur a-steach airson seo gu Dihaoine seo tighinn (27mh) agus feumaidh daoine faighinn ann an touch leis a' Chomhairle airson fiosrachadh fhaighinn agus foirm iarrtais.

"No faodaidh iad a dhol air-loidhne, agus tha làrach-lìn www.childrenspanelscotland.org

"Ach anns na h-eileanan againne cuideachd, faodaidh iad fòn a chur gu nighean a tha na clàrc air sgioba taic na sgìre, Marina NicAmhlaigh, aig a' Chomhairle ann an Steòrnabhagh," thuirt i.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh