Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceinia

Bha tuilleadh sabaid le gunnaichean an-diugh aig ionad bùtha ann an Nairobi ann an Ceinia air an tug ceannaircich Islamach ionnsaigh Disathairne. Chaidh còrr is trì fichead duine a mharbhadh agus tha feadhainn fhathast am bruid. Tha a' Chrois Dhearg ag ràdh gu bheil leth-cheud duine 's a h-aon air nach eil sgeul aca. Thuirt Ministear Cèin Cheinia gu robh triùir Aimeireaganach agus boireannach Breatannach am measg nan ceannairceach ach tha ministear riaghaltais eile ag ràdh gur e fir a bh' annta uile.

Miliband

Nì ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, tagradh ri luchd-bhòtaidh na h-Alba an-diugh son an Rìoghachd Aonaichte a chumail còmhla nuair a chuireas e an deasbad mu neo-eisimeileachd aig meadhan òraid do cho-labhairt a' phàrtaidh ann am Brighton. Bidh gealltanas aige cuideachd gun cuireadh na Làbaraich cìs chorparra nas motha air gnìomhachas mòr gus an gearradh iad cìsean air companaidhean beaga.

RET

Thuirt am Ministear Còmhdhail, Cè MacIlleDhuinn, gun cosgadh e seachd millean not do Riaghaltas na h-Alba faraidhean RET a chuir air ais air seirbheisean bathair air aiseagan nan Eilean Siar. Thuirt Mghr Brown ann an litir a chuir e dhan bhall-pàrlamaid Albannach, Rhoda Ghrannd, gu bheil làn fhios aige mun dragh a th' ann mun bhuaidh air eaconomaidh nan Eilean ach thuirt e gu bheil gearraidhean a tha a' tighinn bho Riaghaltas Westminster a' ciallachadh gum feum Riaghaltas na h-Alba dìon a chuir air seirbheisean aiseig eile cuideachd.

Seirbheis smàlaidh

Tha dragh air na h-aonaidhean agus air luchd-poileataics gu bheil Seirbheis Smàlaidh na h-Alba a' beachdachadh air seòmraichean-stiùiridh Inbhir Nis 's Obar Dheathainn a dhùnadh. Tha Bòrd Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba a' coinneachadh ann an Obair Dheathainn Diardaoin, a dheasbad pàipear anns a bheil molaidhean son strutar agus stòras na seirbheis ùir, agus iad a' coimhead air ionad ùr a thogail ann an Dùn Dè.

Peru

Thuirt teaghlach Melissa Reid à Lenzie, a tha fo chasaid ann am Peru mu chùltaireachd dhrugaichean, gun tèid feuchainn an-diugh ri a tagradh atharrachadh gus an aidich i gu bheil i ciontach. Tha luchd-lagh an dòchas le sin gum faigh i nas nas lugha na seachd bliadhna sa phrìsan, rud a bhiodh a' ciallachadh gum faodadh i an ùine sa phrìosan a chuir seachad ann am prìosan ann am Breatainn.

Oighreachd nam Bàgh

Tha Buidheann Stiùiridh nam Bàgh anns na Hearadh a' cumail choinneamhan poblach an t-seachdainn seo far am bi iad a' deasbad freagairtean a fhuair iad dhan chonaltradh mu bhith a' ceannach an fhearainn dhan choimhearsnachd. Bidh oifigich ann bho Ionad an Fhearainn Choimhearsnachd agus riochdairean à sgìrean an tha air am fearann a cheannach mar-thà. Tha a' chiad choinneamh ann an Ionad nam Bàgh ann an Leac an Lì an ath-oidhche, ann an Talla an t-Òib oidhche Dhiardaoin agus an Talla Bheàrnaraigh oidhche Haoine, uile aig leth uair an dèidh seachd.