Àrdachadh air àireamh an luchd-siubhail

Itealan Flybe
Image caption Shoirbhich le Port-adhair Inbhir Nis as t-samhradh, ach 's ann a chunnaic puirt-adhair eileanach lùghdachadh ann an àireamh an luchd-siubhail.

Thàinig àrdachadh 37,000 air an àireamh dhaoine a chleachd puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean as t-samhradh.

Sheall figearan Phuirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) gun do chleachd 134,584 duine na puirt-adhair aca san Lùnastal - àrdachadh 6,400 air a' mhìos ron a sin.

'S e prìomh phort-adhair na Gàidhealtachd, Inbhir Nis, as motha a chunnaic àrdachadh, 's fèill mhòr gu h-àraidh air an t-seirbheis a dh'Amsterdam.

Puirt-adhair eileanach

'S ann a thàinig lùghdachadh ge-tà, air an àireamh luchd-siubhail a chleachd puirt-adhair nan Eilean Siar, a thuilleadh air puirt-adhair Ìle, Chinn Loch Chille Chiarain agus Thiriodh.

Thuit àireamh an luchd-siubhail aig Port-adhair Bheinn nam Fadhla 10% le cha-mhòr a' cheart uidhir de dh'ìsleachadh aig Port-adhair Ìle.

Thuirt Àrd-Oifigear HIAL, Inglis Lyon, gu bheil na figearan seo misneachail - gu h-àraidh na tha de dhaoine a' cleachdadh na seirbheis eadar Inbhir Nis agus Amsterdam - ach nach eil na puirt-adhair nas lugha a' dèanamh cho math.

'S e an t-amas aca, thuirt e, tuilleadh roghainn a thoirt do luchd-siubhail.

Bidh barrachd sheirbheisean ann eadar Dùn Èideann agus Inbhir Ùige, agus eadar Glaschu agus Sumburgh, thuirt e, mar dhòigh air cùisean a dhèanamh nas goireasaiche do luchd-siubhail.

Tha HIAL a' cumail cosnaidh ri còrr is 500 duine, eadar na 11 phuirt-adhair aca agus prìomh oifisean na companaidh ann an Inbhir Nis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile