Comhairliche as òige a' seasamh sìos
- Air fhoillseachadh
Tha an comhairliche as òige riamh air a' Ghàidhealtachd gus seasamh sìos bho a dhreuchd.
Dhearbh Ailig MacLeòid, a bha a' riochdachadh sgìre Ghallaibh agus a bha an toiseach na fhear-labhairt Gàidhlig aig a' Chomhairle, gun robh e a' fàgail a dhreuchd is dùil gun nochd e sa chùirt air an ath-mhìos ann an co-cheangal ri mì-ghiùlain taghaidh.
Chaidh rannsachadh a dhèanamh air cosgaisean Mhgr MhicLeòid na iomairt taghaidh.
Chaidh a thaghadh mar chomhairliche Nàiseantach aois 19, agus e a-nis 21.
Thuirt labhraiche na Comhairle gun d'fhuair iad fios bhuaithe gun robh e a' fagail a dhreuchd aig deireadh na mìos, agus gum bi iad a-nis ag obair gus fo-thaghadh a chumail anns an sgìre, taobh a-staigh trì mìosan.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh