Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Companaidhean Cumhachd

Thuit luach nan earrainnean ann an companaidhean cumhachd anns a' mhadainn an-diugh, an dèidh do dh'Ed Miliband gealltainn an-dè gun cuireadh riaghaltas Làbarach casg airson 20 mìos air àrdachadh prìse. Chaidh luach Scottish and Southern Energy sìos còrr is 3.5%, agus bha Centrica, dham buin British Gas, sìos cha-mhòr 4%. Tha na companaidhean ag ràdh gun deadh an dealan dheth le planaichean nan Làbarach, ach tha Mgr Miliband ag ràdh gu bheil làn-àm ann smachd a chur air a' mhargaidh.

Peru

Tha boireannach òg às Alba, Melissa Reid, à Lenzie, faisg air Glaschu, agus boireannach òg à Èirinn a Tuath, Michaella McCollum, an dòchas gun tèid binn prìosain nas giorra orra ann am Peru. Dh'aidich iad le chèile an-dè gun do dh'fheuch iad ri luach còrr is £1.5m den droga cocaine a thoirt a-mach à Peru, agus iad an dòchas, le aideachadh, gun tèid binn nas lugha orra.

Ceinia

Tha a' bhuidheann cheannairc Ioslamach Al Shabab ag ràdh gun do mharbh iad 137 duine anns na ionnsaigh air ionad bùtha ann an Nairobi. Tha an Riaghaltas ann an Ceinia ag ràdh gur e 67 a chaill am beatha, ged a tha coltas ann gum bi an àireamh sin nas motha, le dùil gun tèid tuilleadh chorp fhaighinn às an togallach.

Corroboration

Tha buill ann am Pàrlamaid na h-Alba a' bruidhinn an-diugh air moladh gum bu chòir cur às dhan earrann de lagh na h-Alba ris an canar Corroboration, fo am feum barrachd air aon duine dearbhadh a thoirt air fianais. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil an seo ach lagh seann-fhasanta a tha a' cur stad air dìteadh ann an iomadh cùis-lagha. Tha na Tòraidhean, agus mòran ann an siostam a' cheartais, an aghaidh atharrachaidh.

Heileacoptairean

Tha aonadh nam pìolat, BALPA, a' cur teagaimh ann an rannsachadh a nì Ùghdarras nan Seirbheisean-adhair Sìobhalta (CAA) air sàbhailteachd heileacoptairean sa Chuan a Tuath, mìos an dèidh tubaist SuperPuma far chosta Shealtainn anns an do chaill ceathrar am beatha. Tha an t-aonadh ag ràdh nach tèid an rannsachadh sin fada gu leòr.

Iomairt Theasairginn

Tha sgiobannan teasairginn a' coimhead a-rithist an-diugh airson duine a bha a' coiseachd anns a' Chuilthionn anns an Eilean Sgitheanach. Chuir a theaghlach fios air an seirbheisean èiginn, mu 10:00f an-raoir, nuair nach do thill an duine nuair a bha dùil ris. Tha ceò air a' mhonadh a' cur maill air sgioba teasairginn monaidh an Eilein Sgitheanaich, agus heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh.

Bun-sgoil Uibhist a Tuath

Tha feadhainn de phàrantan an Uibhist a Tuath mì-thoilichte gur e làrach Sgoil Phaibil a tha Comhairle nan Eilean Siar a' moladh mar an t-àite as freagarraiche airson bun-sgoil ùir Uibhist a Tuath. Tha iad a' gearain gum bi astar gu math fada aig cuid ri siubhail, ach tha dòchas aig pàrantan gum faigh iad èisteachd le co-chomhairleachadh poblach a tha a' tòiseachadh a-màireach.