Dùil ri àireamhan an luchd-labhairt

Cluinnear fiosrachadh an-diugh fhathast a dh'innseas dè an ìre de chrìonadh a th' air tighinn air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig le toraidhean a' chunntais-shluaigh gam foillseachadh.

Bho chionn deich bliadhna, bha comas labhairt sa Ghàidhlig aig beagan is 58,000 duine an Alba, is 30,000 a bharrachd le comas air choireigin sa chànan.

Bhon uair sin tha buidhnean leithid Bhòrd na Gàidhlig air a bhith strì gus suidheachadh a' chànain a leasachadh, agus Riaghaltas na h-Alba a' cosg £20m air a' Ghàidhlig gach bliadhna.