Buidheann aiseagan "na briseadh dùil mòr"
- Air fhoillseachadh

Thuirt cathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gur e briseadh dùil mòr a th' ann nach deach duine às na h-Eileanan Siar a chur air buidhinn ùir de dh'eòlaichean aiseig aig Riaghaltas na h-Alba.
Bidh a' bhuidheann a' comhairleachadh an Riaghaltais a thaobh sheirbheisean aiseig.
Tha Iain MacAoidh ag ràdh gum bu chòrr do dh'eileanaich fhèin a bhith air a' bhuidhinn.
"Chan eil mise rèidh, 's bha sinne ag ràdh mar chomhairlichean, nuair a chuala sinn gun robhas a' dol a chur na buidhne a tha seo an-àirde, gum biodh feadhainn againn bho na h-eileanan," thuirt e.
"Agus nar beachd-ne, gur e feadhainn às na h-eileanan, gur iadsan na h-eòlaichean.
"Chan eil mise a' dol a chàineadh duine de na th' air a' bhuidhinn, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math tàmailteach nach eil sinne gar riochdachadh mar eileanan, gu cinnteach.
"Tha mi a' smaoineachadh gur ann às na h-eileanan fhèin a tha na h-eòlaichean as motha.
"An fheadhainn a tha a' cleachdadh nan aiseagan. Feadhainn a bha 's dòcha nan sgiobairean 's daoine a bha a' cleachdadh nan aiseagan ann an seo sna bliadhnaichean a chaidh seachad.
"Daoine aig a bheil fios air tìde-mhara, 's air na puirt, 's air a' h-uile càil timcheall air na h-aiseagan a tha seo," thuirt e.
Thuirt Fear-labhairt bho Chòmhdhail na h-Alba gun deach buill na buidhne a thaghadh air sgàth an cuid eòlais, seach cò às a tha iad.
Thuirt e gu bheil buill air a' bhuidhinn bho gach com-pàirteachas còmhdhail sgìreil, còmhla ri feadhainn a tha a' ruith sheirbheisean le subsadaidhean agus feadhainn le seirbheisean prìobhaideach, a bharrachd air eòlaichean.
Thuirt e cuideachd gun tog buidhnean luchd-cleachdaidh aiseagan, cuspairean a tha cudromach dhaibh leis a' bhuidhinn ùir.