Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dìon

Thuirt comataidh de bhuill-pàrlamaid gum feum tuilleadh fiosrachaidh a thoirt do luchd-bhòtaidh mu ciamar a chuireas Alba dìon oirre fhèin ma bhòtas sluagh na dùthcha airson neo-eisimileachd. Tha Comataidh Dìon Thaigh nan Cumantan cuideachd ag iarraidh air Ministrealachd an Dìon barrachd ullachaidh a dhèanamh gun fhios nach caill luchd taic an aonaidh an referendum.

Rigby

Chaidh dithis fhireannach às àicheadh gun do mhurt iad an saighdear Lee Rigby ann an ear-dheas Lunnainn anns a' Chèitean. Nochd Mìcheal Adebolajo agus Mìcheal Adebowale ann an cùirt an Old Bailey tro cheangal bhideo an-diugh sa mhadainn. Tòisichidh a' chuis lagh nan aghaidh san t-Samhain.

Blathachadh na cruinne

A-rèir eòlaichean bhon UN, tha e an ìre mhath cinnteach gun e mac an duine is coireach airson mar a tha an t-sìde ag atharrachadh. Ann an aithisg ùr, tha na h-eòlaichean ag ràdh gu bheil an ìre cinnt gur e sinne a dh'adhbhraich a' chuid is motha do chùisean blathachadh na cruinne a' nis a' seasamh aig ceithir fichead 's a còig deug sa cheud. Bha an aithisg mu dheireadh air a' chuspair - a chaidh fhoillseachadh bho chionn sia bliadhna - air an ìre cinnt a chuir aig ceithir fichead sa deich sa cheud.

Am Pòst Rìoghail

Thèid luach a' Phuist Rìoghail a mheasadh aig eadar dà phuing a sia agus trì puing a trì billean not nuair a thèid a reic air an ath-mhìos. Tha luchd-obrach na buidhne an-dràsda a' bhòtadh air am bu chòir dhaibh a dhol air stailc ann an oidhirp stad a chuir air plana an Riaghaltais airson am Pòst a chuir dhan roinn phrìobhaidich. Gheibh daoine chun an ochdamh là dhen Damhair airson tagradh airson earrainnean a cheannach.

Mumbai

Chaidh co-dhiù sianar a mharbhadh agus trì deug an droch goirteachadh ann am baile Mumbai sna h-Innseachan nuair a thuit togalach flataichean gu talamh an-diugh sa mhadainn. Tha na seirbheisean èiginn air iomairt theasairginn a chuir air dòigh 's eagal ann gu bheil mòran dhaoine glacte fon spruilleach.

Siria

Chaidh dreach rùn a ruighinn aig Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte a-raoir mu bhith a' faighinn caoidhteas armachd cheimigeach Shiria. Thàinig na h-Ameirigeanaich agus na Ruiseanaich gu còrdadh air briathrachadh an rùin - nach eil a' bagairt ionnsaigh armaichte a thoirt air Damascus mura tèid an armachd a thoirt seachad - agus tha dùil gun teid bhòtadh air an-diugh fhathast.

Aiseag

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Deas gu bheil e air a dhòigh gun tèid seirbheis aiseig a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail agus Malaig. Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an-dè gun tèid sgeama pileat, a mhaireas trì bliadhna, fheuchainn air an t-slighe tro mhìosan a' gheamhraidh. Thuirt Raghnall MacFhionghain ge-tà, gum biodh e nas iomchaidh nam biodh an sgeama a' ruith tron t-samhradh.