Coinneamhan Oighreachd nam Bàgh

  • Air fhoillseachadh
Sgìre nam Bàgh
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh sreath choinneamhan a chumail an t-seachdainn far an deach beachdan dhaoine a thrusadh

Tòisichidh rannsachadh a dh'aithghearr faic dè na buannachdan a bhiodh ann do dhaoine ann an sgìre nam Bàgh anns na Hearadh an oighreachd a ghabhail thairis.

Tha dà oighreachd eile anns na Hearadh - an ceann a tuath agus an taobh siar - mar-thà ann an làmhan nan daoine, agus tha muinntir Scalpaigh a' gabhail an aon cheum.

Chaidh sreath choinneamhan a chumail air feadh Oighreachd nam Bàgh an t-seachdainn-sa airson beachdan dhaoine a thrusadh.

Thèid an tè mu dheireadh dhiubh sin a chumail ann an Eilean Bheàrnaraigh Dihaoine.

Uallach

Tha dragh air cuir de chroitearan na sgìre mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig ceannach an fhearainn orra-san agus gum faodadh e a bhith a' ciallachadh gun deadh am màl aca an àirde.

Tha dùil a-nis gun tòisich rannsachadh tràth an ath-bhliadhna mu na cothroman a dh'fhaodadh a bhith an cois ceannach na h-oighreachd.