An Gearasdan sìos

Caman
Image caption Bidh an Gearasdan a' cluich ann an lìog ùr nàiseanta 1 an ath-sheusan.

Chaill an Gearasdan an t-àite aca sa Phrìomh Lìog gu h-oifigeil às dèidh dhaibh crìochnachadh 1-1 an aghaidh Lòbhait aig an deireadh-sheachdain.

Chuir Caoimhin Bartlett Lòbhat air thoiseach trath sa gheama is ged a chuir Bryan Simpson am ball dhan lìon dhan Ghearasdan 'son puing a ghlèidheadh, cha robh e gu leòr 'son sgioba Loch Abair a shàbhaladh.

Bha an Gearasdan sa Phrìomh Lìog bho chaidh a stèidheachadh ach feumaidh iad a-nise togail às ùr ann an lìog ùr nàiseanta 1 a bhios ann air an ath-sheusan.

Air a' cheann thall cha bhiodh fiùs dà phuing air a' chùis a dhèanamh dhaibh Disathairne oir bhuannaich Caol Bhòid 5-4 an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh ann an Taigh na Bruaich.

Bha am Bail' Ùr air thoiseach 4-2 às dèidh uair a thìde ach thàinig Caol Bhòid air ais le trì tadhail ann an trì mionaidean deug.

Dìoghaltas

Dh'fhàg sin nach tèid am Bail' Ùr tro sheusan na lìge gun gheama a chall is thug e dìoghaltas air choireigin dha na Deasaich, cola-deug às dèidh dhaibh call 3-0 ris a' Bhail' Ùr ann cuairt dheireannach Chupa na Camanachd.

Tha Caol Bhòid a-nise sàbhailte san lìog, gu dearbh tha cothrom aca fhathast èirigh dhan treas àite ma gheibh iad puingean gu leòr às na trì gheamaichean a tha air fhàgail aca.

Ann an Lìog Tuath 2 rinn A' Mhanachainn a' chùis air Gleann Garadh 4-2 is 's e 1-1 a bh' ann eadar Camanachd an Eilein Sgitheanaich agus Ceann Loch Seile.

Ann an Lìog Deas 2 rinn Baile a' Chaolais a' chùis air Inbhir Aora 3-1, gam fàgail co-ionnan aig mullach na lìge le Caol Bhòid.

Thèid fir na sglèata an aghaidh sgioba Thaigh na Bruaich ann an geama dearbhaidh 'son an tiotail ann an Strath Chura an t-seachdain seo tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile