13% de chroitearan "a' briseadh riaghailtean"

  • Air fhoillseachadh
Croitear
Fo-thiotal an deilbh,
Tha 300 croitear air an croitean a chur bhuapa gu saor-thoileach às dèidh an Achd ùir.

Chuala co-labhairt air lagh na croitearachd ann an Dùn Èideann gun tug Coimisean na Croitearachd croitean bho 35 duine an aghaidh an toil anns an trì bliadhna mu dheireadh leis nach robh iad a' fuireach orra.

Chaidh innse cuideachd gu bheil 300 croitear air na croitean aca a thoirt seachad gu saor-thoileach san àm sin air an dearbh adhbhar, anns an trì bliadhna bho thàinig an Achd ùr a-steach.

Dh'innis Cathraiche a' Choimisein, Susan Walker, don cho-labhairt, gu bheil còrr is 13,500 croitear ann an Alba, agus dhiubh sin, gu bheil 13% nach eil a' tighinn a rèir dhleastanasan a bhith a' fuireach air a' chroit aca.

"Tha an Coimisean a' tuigsinn cho cudromach 's a tha a' chroit aig cuideigin nach eil a' fuireach ann," thuirt a' Bh.Ph. Walker.

Dleastanas Laghail

"Ach anns an Achd, tha e ag ràdh gum feum an Coimisean a bhith a' dèanamh rudeigin mu dheidhinn daoine nach eil a' fuireach air a' chroit aca.

"Agus aig deireadh an là, chuir sinn a-mach dìreach 35 duine," thuirt i.

Tha Achd na Croitearachd (2010) ag ràdh gum feum daoine aig a bheil croit a bhith a' fuireach air a' chroit sin - no taobh a-staigh 20 mìle (32km) bhon chroit - gum feum iad a bhith ag obrachadh na croite, agus deònach cuideachadh le talamh ionaltraidh.

Chan ionnan, an còmhnaidh, a bhith a' fuireach air falbh, agus gun a bhith ag obrachadh na croite ge-tà.

"Mar as trice tha an dà rud a' dol còmhla," thuirt Iseabail NicLeòid, a tha an sàs ann an lagh na croitearachd ann an Leòdhas.

"Mur a bheil duine a' fuireach air a' chroit, 's dòcha nach eil iad a' dèanamh rudan leis.

"Ach aig an aon àm, tòrr dhaoine a tha a' fuireach air falbh, tha iad a' dèanamh rudan leis a' chroit, a' dol ann gu math tric 's a' dèanamh barrachd na tha daoine a tha a' fuireach orra," thuirt i.

Tha an Coimisean ge-tà, mothachail gu bheil dleastanas laghail orra rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh.

"'S e obair mhòr mhòr a th' ann a bhith ag obair air feadh nan sgìrean croitearachd air an duilgheadas sin," thuirt Susan Walker.

"Tha e anns an Achd gum feum thu a bhith a' fuireach air a' chroit, agus cuideachd a bhith ag obair air a' chroit.

"Tha an dà chuid gu math cudromach," thuirt i.

Thèid na figearan air obair a' Choimisein a chur ris an Aithisg Bhliadhnail aca, a thèid mu choinneimh na Pàrlamaid ro dheireadh na bliadhna.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh