Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun cuir an Riaghaltas ann an Westminster cùmhnantan ùra an sàs air sochairean do dhaoine a th' air a bhith gun chosnadh airson ùine. Tha an sgeama, a tha Mgr Osborne a' foillseachadh aig co-labhairt nan Tòraidhean ann am Manchester, a' ciallachadh mur a dèan feadhainn a th' air a bhith còrr is dà bhliadhna air prògram-obrach an Riaghaltais trèanadh no obair anns a' choimhearsnachd, gun caill iad na sochairean. Bheir na riaghailtean sin buaidh air 200,000 duine nuair a thòisicheas iad anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna.

Bheir Ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, òraid do mheur Albannach a' Phàrtaidh ann am Manchester an-diugh, ag ràdh gum feum leasachadh a thoirt air ìre foghlaim anns na sgoiltean.

Baghdad

Chaidh còrr is 40 duine a mharbhadh agus còrr is 120 a leòn ann an sreath de dh'ionnsaighean boma ann am Baghdad. Tha aithrisean ann gun deach dusan boma a spreadh, ann an càraichean ann an sgìrean Shi'ia, aig an àm as trainge den mhadainn.

Nigeria

Thuirt oifigeach ann an Nigeria nach robh tèarainnteachd de sheòrsa sam bith aig colaiste àiteachais far an deach 50 oileanach a mharbhadh ann an ionnsaigh cheannairc air an deireadh-sheachdain. Tha a' bhuidheann Ioslamach Boko Haram, air na h-uidhir de dh'ionnsaighean a thoirt air an sgìre sin de cheann a tuath Nigeria, anns na beagan mhìosan mu dheireadh.

Loidhne-rèile a' Chosta an Ear

Nì Eurostar, a' chompanaidh a tha a' ruith Tunail a' Chaolais Shasannaich, tagradh airson a bhith a' ruith loidhne-rèile a' chosta an ear. Tha Eurostar ag ullachadh tairgse còmhla ris a' chompanaidh Fhraingich, Keolis, le dùil ri fios san Damhair an ath-bhliadhna cò aig am bi an cùmhnant ùr airson na loidhne, a' tòiseachadh sa Ghearran ann an 2015.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Thuirt an Comhairliche SNP, Ruairidh MacCumhais, a bha na cheannard air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, gu bheil e gu math diombach leis cho beag taic 's a fhuair e bhon SNP gu nàiseanta, agus gu bheil buill eile cuideachd a' beachdachadh air an SNP fhàgail. An dèidh fad mhìosan de strì, ghabh co-bhanntachd de bhuill neo-eisimeileach, Tòraidheach agus Lib-Deamach, smachd air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an t-seachdain seo chaidh, agus chuir iad às a' bhuidheann-riaghlaidh SNP, agus an Comh. MacCumhais a bha na cheannard orra.

Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis

Thèid innse do dhaoine feasagar an-diugh an d'fhuair iad na ticeadan a bha iad ag iarraidh airson Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu an ath-bhliadhna. Chaidh 2.5m iarrtas a dhèanamh airson dìreach mu mhillean ticead. Thuirt fear-labhairt nan geamaichean gum bi cothrom aig daoine nach d'fhuair ticead an turas seo, feuchainn a-rithist an ceann dhà no trì sheachdainnean.