Bàs air beinn air Taobh Siar Rois

Bhàsaich fireannach 61 bliadhna de dh'aois an dèidh dha fàs tinn is e a' sreap beinne air Taobh Siar Rois.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm chun na Faochagaich mu 1:45f Disathairne.

Chaidh poilis, luchd-teasairginn agus heileacoptair chun na beinne, ach bhàsaich an duine.

Bha dithis charaidean còmhla ris.