Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rest and Be Thankful

Thuirt oifigich an Riaghaltais gum bi rathad an A83 ann an Earra-Ghàidheal dùinte a' chiad ghreis an dèidh maoime-slèibhe aig an Rest and Be Thankful. Thug uisge trom an-raoir mu 100 tunna de chreig agus poll a-nuas bhon bheinn os cionn an rathaid. Tha seann rathad an airm ro fhada an ear airson a chleachdadh mar rathad timcheall air an turas seo, agus tha sin a' ciallachadh gum feum luchd-siubhail a dhol 50 mìle nas fhaide tuath taobh na Crìon-làraich, no deas airson aiseig eadar Dùn Omhain agus Guraig. Tha muinntir Earra-Ghàidheal air a bhith a' gearain mun bhuaidh air eaconamaidh na sgìre leis cho tric 's a an rathad air a bhith dùinte sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Luchd-bathair

Gheall Riaghaltas na h-Alba faisg air £2m airson àrdachadh air faraidhean aiseig do chompanaidhean bathair a chumail aig 2.7% aig toiseach an t-Samhraidh seo tighinn. Sheall aithisg bhon Riaghaltas na bu tràithe am bliadhna gun tug a bhith a' call RET air seirbheisean bathair dha na h-Eileanan Siar, Colla agus Tiriodh, fìor dhroch bhuaidh air eaconamaidh nan eilean.

Iasadan

Tha an FCA, Ùghdarras Modh an Ionmhais a' cur riaghailtean nas cruaidhe an sàs air buidhnean a tha a' toirt iasad do dhaoine gus am faigh iad am pàigheadh - Pay-day Loans mar a their iad riutha. Thuirt oifigich an FCA gu bheil iad ag amas air tuilleadh dìon a chur air daoine a th' ann an suidheachadh far a bheil iad buailteach brath a ghabhail orra.

Cosnaidhean Ùra

Tha dùil ri dearbhadh bho Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, an-diugh fhathast mu mhìle cosnadh ùr ann an Alba. Tha buidheann chonaltraidh TeleConference a tha stèidhichte ann am Paris a' fastadh luchd-obrach ann an Glaschu, an Àrd-Ruigh, Earsgainn, agus Cille Mheàrnaig.

Aiseag Bharraigh

Leig muinntir Bharraigh fhaicinn do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn an-raoir gu bheil iad mì-thoilichte le clàr-ama ùr a' Gheamhraidh nach toir dhaibh ach trì seòlaidhean dìreach gach seachdain gu Tìr Mòr. Thuirt an Comh. Dòmhnall Manford gur e buile a th' ann nach bi seirbheis ann Diciadain, gu h-àraid do chroitearan is iasgairean a tha a' cur stuth gu Tìr Mòr.

An Eaglais Shaor

Tha dithis mhinistearan air gluasad as ùr bho Eaglais na h-Alba dhan Eaglais Shaoir. Ghabh Coimisean Àrd-Sheanaidh na h-Eaglaise Saoire an-raoir ris an Urr. Dàibhidh Court bho Eaglais New Restalrig ann an Dùn Èideann, agus an t-Urr. Dàibhidh Randal a bh' aig Eaglais Newmills-Loudon ann an Siorrachd Àir. Agus chaidh innse gur e an t-Urr. Dàibhidh Mac a' Mhuilleir, aig coithional na h-Eaglaise Saoire ann an Cobham ann an Surrey, an ath-Mhodaràtair.