Ceum air adhart do mhuinntir Scalpaigh

  • Air fhoillseachadh
ScalpaighTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an t-uachdaran a' tabhainn an eilein air a' choimhearsnachd an asgaidh.

Tha muinntir Scalpaigh air ceum eile a ghabhail a dh'ionnsaigh sealbh a ghabhail air an eilean aca.

Fhuair iad granta de £60,000 bho Stòras Fearainn na h-Alba gus an cuideachadh 's iad a' tòiseachadh a-mach.

Tha an t-eilean, sa bheil 700 acair-fearainn, ga thabhainn air na h-eileanaich an asgaidh leis an uachdaran, Fred Taylor.

Thèid an t-airgead a dh'ionnsaigh chosgaisean laghail a' ghnothaich, agus bheir e cothrom oifigear leasachaidh ionadail fhastadh san eilean fad dà bhliadhna.

Aon uair 's gur ann leis a' choimhearsnachd a tha an t-eilean, thèid Scalpaigh an lùib Urras Ceann a Tuath na Hearadh.