An A83 dùinte aig an Rest and be Thankful
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gum bi an rathad dùinte airson co-dhiù an còrr den là.
Chaidh an A83 aig an Rest and be Thankful an Earra-Ghàidheal a dhùnadh le maoim-slèibhe - airson an t-seachdamh turais ann an còig bliadhna.
Sguab an t-uisge trom a th' air a bhith air taobh an iar na h-Alba 100 tunna de chloich sìos chun an rathaid.
Chan eil fhios cuin a dh'fhosglas an rathad a-rithist, ach tha Bear Scotland air obair glanaidh a thòiseachadh.
Bha a' mhaoim-slèibhe ro fhada siar airson leigeil do dhràibhearan slighe èiginneach a chaidh fhosgladh anns a' Ghearran a chleachdadh.