O Phop Idol chun a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail

Michelle NicMhànuis Image copyright other
Image caption Tha Michelle air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig o chionn treis.

Tha tè a bhuannaich Pop Idol gus seinn ann am farpais aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig am bliadhna.

Gabhaidh Michelle NicMhànuis pàirt ann am farpais an Aigeallain Airgid.

'S i sin an duais seinn as cliùitiche do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Tha Michelle air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig o chionn treis, 's i a' cleachdadh LearnGaelic.net, Speaking Our Language, a' coimhead BBC ALBA, ag èisteachd ri Radio nan Gàidheal, agus ga bruidhinn ri caraidean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile