Dachaigh-chùraim gus dùnadh rè ùine

  • Air fhoillseachadh

Thèid dachaigh chùraim ann an Inbhir Nis a dhùnadh rè ùine gus an tèid obair-leasachaidh a dhèanamh oirre.

Chaidh an obair òrdachadh air Dachaigh Chùraim Taigh Chlach na h-Airidh, às dèidh sgrùdaidh a rinn Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim.

Bha a' bhuidheann draghail mu staid cuid de dh'ùrlairean an taighe, agus na seòmraichean-ionnlaid.

Bha dragh orra cuideachd mu ghainnead de luchd-obrach, agus cumail chlàran.

Roghainnean 's Cothroman

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd gun deadh an dachaigh-chùraim a dhùnadh ro dheireadh na Dùbhlachd. Thèid an 18 duine a tha a' fuireach ann a ghluasad gu dachaigh eile fhad 's a mhaireas an obair.

Chan eil a' chompanaidh a tha ga ruith, RDS Healthcare, air càil a ràdh mu dheidhinn.

Chaidh stad air daoine ùra a bhith air an gabhail a-steach chun na dachaigh-cùraim san t-Samhain 2012.

Thuirt labhraiche do NHS na Gàidhealtachd: "Tha an-dràsta 18 duine a' fuireach san dachaigh, agus bhiodh sinn ag amas air an gluasad gu àrainneachd chùraim ùir cho luath 's a ghabhas.

"Chaidh còignear a ghluasad dhan ospadal cheana ri linn na h-uidhir de dh'adhbharan clinigeach.

"Mar bhòrd, tha sinn a' toirt prìomhachais don luchd-còmhnaidh a tha fhathast ann an Clach na h-Airidh, agus tha sinn air còmhraidhean a thòiseachadh leothasan, agus le an càirdean, mu na roghainnean agus cothroman a tha rim faotainn dhaibh.

"San eadar-ama, cumaidh sinn oirnn ag obair le luchd-obrach na dachaigh-chùraim gus comhairle agus taic a thoirt seachad a chum 's gun gabh seo dèanamh cho sìmplidh 's a ghabhas."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh