Dorsan nas leatha a dhìth air each
- Air fhoillseachadh
Chaidh innse do bhoireannach, aig a bheil each a' fuireach na dachaigh air a' Bhac ann an Leòdhas bho chionn faisg air dà bhliadhna, gum feum i an taigh atharrachadh ma tha i a' dol a chumail a' bheathaich.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum feum ceithir troighean de leathad a bhith ann an doras gach rùm anns am bheil an t-each.
Tha mìos aig Stephanie Noble 'son sin a dhèanamh.
Thuirt ise gun dèan i tagradh an aghaidh sin.