Seillein dùthchasach a-mhàin ceadaichte an Colbhasa

Seillein mheala dùthchasach Image copyright PA
Image caption Tha biastag a' bharòa sgrios air colonaidhean air feadh na dùthcha - ach chan ann an Colbhasa.

Tha eileanan Colbhasa agus Orasa ann an Earra-Ghàidheal gan dèanamh nan tèarmann do sheillein mheala dùthchasach.

Fo lagh ùr a thig a-steach san Fhaoilleach, chan fhaodar seòrsa seillein ach a-mhàin an seòrsa dùthchasach - Apis Mellifera Mellifera - a thoirt a-steach don dà eilean.

Tha iomadh colonaidh den t-seillean dùthchasach ann an Colbhasa agus Orasa.

Tha an lagh ùr ag amas air an dìon bho chros-bhriodadh le seòrsaichean eile, agus bho ghalairean.

Rinn biastag a' bharòa milleadh air mòran cholonaidhean sheillean air feadh na dùthcha, ach cha do nochd e idir ann an Colbhasa is Orasa.

Tha an dà eilean ceangailte aig muir-ìosal, agus thathas den bheachd gu bheil iad fada gu leòr bho eileanan eile, agus bho Thìr Mòr, airson cothrom na fèinne a thoirt do na seillein an aghaidh ghalairean.

Ged a tha 250 seòrsa seillein ann am Breatainn - 24 seòrsaichean de sheillean mòr, agus 225 seòrsaichean de sheillean aonaranach nam measg - chan eil ach aon sheòrsa de sheillean mheala.

Tha an seillean meala dùthchasach nas fhulaingiche na seillein eile, agus thig iad beò ann an aimsir chaochlaideach nan eilean.