Lìog Deas 2 gu Caol Bhòid
- Air fhoillseachadh

Chaidh an lìog mu dheireadh ann an seusan na h-iomain a cho-dhùnadh aig an deireadh-sheachdain le Caol Bhòid a' buannachadh Lìog Deas 2.
Bha an dàrna sgioba aig Caol Bhòid air an seusan a chrìochnachadh co-ionnan aig mullach na lìge còmhla ri Baile a' Chaolais is thèid an dà sgioba suas gu Lìog Deas 1 an ath-bhliadhna.
An toiseach ge-tà, bha aca ri geama dearbhaidh a chluich ann an Srath Chura 'son co-dhùnadh cò gheibheadh an lìog.
Chuir Iain Whyte sgioba Thaigh na Bruaich air thoiseach ann an 24 mionaidean, is chuir an dearbh dhuine tadhail eile ro leathach-ùine.
Fhuair fir an sglèata air ais dhan gheama le Lorne Brown a' cur a' bhuill dhan lìon ann an 74 mionaidean ach taobh a-staigh dà mhìonaid chuir Whyte an treas tadhal aige fhèin den là.
Dòchas
An lìog a' dol gu Taigh na Bruaich ma-tha, is dòchas do Chaol Bhòid gun tig feadhainn bhon sgioba seo air adhart dhan chiad sgioba anns na bliadhnaichean ri tighinn.
Briseadh-dùil do Bhaile a' Chaolais, is bha iad ag ionndrainn fear de na cluichearan as fheàrr a th' aca, Iain 'Bullox' Dòmhnallach, às dèidh dha càirt dhearg fhaighinn an aghaidh Inbhir Aora.
Bidh Baile a' Chaolais riaraichte le mar a chaidh an seusan san fharsaingeachd ge-tà, is iad air Cupa an t-Sutharlannaich agus Cupa Bullough a bhuannachadh, cho math ri àite fhaighinn ann an Lìog Deas 1 an ath-bhliadhna.
Chaidh an geama eile Disathairne, a' chiad sgioba aig Caol Bhòid an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich, a chur dheth.
Bidh dà gheama ann Disathairne seo tighinn, Lòbhat an aghaidh Chaoil Bhòid sa Phrìomh Lìog, agus A' Mhanachainn an aghaidh Bhail' Ùir an t-Slèibh ann an Lìog Tuath 2.