Là ùr 'son geama North Caledonian

Cluba ball-coise Leòdhais is na Hearadh Image copyright Gasaet Steòrnabhaigh
Image caption 'S e caibideal ùr a tha seo ann am ball-coise Eileanach.

Chaidh ceann-là ùr a stèidheachadh 'son a' chiad gheama fharpaisaich aig Cluba ùr ball-coise Leòdhais is na Hearadh.

Cluichidh an sgioba a-nise an geama ann an Cupa North Caledonian an aghaidh Alanais Disathairne seo tighinn (12/10) aig 1:00f aig Pàirce an Dàil Mhòir ann an Alanais.

Bha còir gun rachadh an geama air adhart aig an deireadh-sheachdain ach chaidh a chur dheth nuair a bhrist an aiseag an MV Isle of Lewis.

Bidh bus ann do luchd-leantainn a-rithist Disathairne ach faodaidh daoine nach fhaigh dhan gheama air a' cheann-là ùr an t-airgead aca fhaighinn air ais bho Bhùth na Spòrs ann an Steòrnabhagh.

Chaidh an cluba ùr a stèidheachadh am bliadhna gus leigeil le cluicheadaran bho Leòdhas is na Hearadh feuchainn air ìre nas àirde de bhall-coise.