An MV Isle of Lewis ga càradh
- Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum bi an t-aiseag an Isle of Lewis, a bhios a' seòladh eadar Ulapul agus Steòrnabhagh, air ais air an t-slighe Diardaoin, aig a' char as tràithe.
Bhris i aig an deireadh sheachdainn, às dèidh do chliabh a dhol an lùib siostam propeileir an aiseig.
Tha obair càraidh a-nis ga dèanamh oirre ann an Grianaig.
Atharrachaidhean
'S an MV Hebrides, a tha a' frithealadh slighe an Tairbeirt, Ùig agus Loch nam Madadh, a th' air slighe Ulapuil an-dràsta, le aiseag Ìle, an MV Finlaggan, a' gabhail a h-àite-se.
Bha dragh ann gum faodadh trioblaid a bhith ann aig deireadh na seachdainn-sa mura biodh an Isle of Lewis air ais mus dùin na sgoiltean, ach thuirt Cal Mac nach robh iad a' sùileachadh duilgheadas le gainnead rùim air an aiseag.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 12 An Giblean 2013
- 11 An Giblean 2013