Ceannard do Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis?

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Tha e air faileachadh air Comhairle na Gàidhealtachd thuige seo ceannard maireannach fhastadh airson na sgoile

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air innse do phàrantan aig a bheil clann ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis gun cum iad agallamhan deireannach airson dreuchd a' cheannard aig toiseach na h-ath-mhìos.

Tha an sgoil air a bhith às aonais cheannard maireannach bho 2009, le triùir neach a' dèanamh na h-obrach anns an eadar-ama.

A dh'aindeoin grunn oidhirpean tha e air faileachadh air Comhairle na Gàidhealtachd dreuchd a' cheannard a lìonadh.

'S e fileantas anns a' Ghàidhlig an cnap-stara mòr agus chaidh an obair a dhiùltadh an uiridh do thè a bha na ceannard eadar-amail air an sgoil seach nach i i fileanta anns a' chànan.

Sgaradh bheachd

Tha cuid de phàrantan ga mheas cudromach gum bi Gàidhlig fhileanta aig a' cheannard, gus am bi e comasach an sgoil a dhèanamh na h-àrainneachd far am bi Gàidhlig ga bruidhinn anns a h-uile suidheachadh.

Dha feadhainn eile ge-tà, 's e sgilean ceannais as cudromaiche.

'S e Jim Lyon, aig nach eil Gàidhlig fhileanta, a th' air a bhith na cheannard eadar-amail air an sgoil mu dheireadh - agus tha dùil gu bheil e a-measg nan tagraichean airson na dreuchd maireannaich.

Thèid na h-agallamhan deireannach a chumail air a' chiad là dhen t-Samhainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo