Leudachadh air dannsa-uchd?

Tha club oidhche ann an Inbhir Nis, anns a bheil dannsa-uchd ga chumail, air cead iarraidh fosgladh seachd oidhcheannan san t-seachdain.

Chan eil Private Eyes air Sràid na h-Acadamaidh sa bhaile an-dràsta fosgailte ach còig oidhcheannan.

Bha mòran mì-thoichte nuair a dh'iarr iad cead anns a' chiad dol a-mach son dannsa-uchd ann an Inbhir Nis.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad ge-tà, 's aithisg a' sealltainn nach robh trioblaid air a bhith ann leis a' chlub-oidhche roimhe.

Tha dùil gum piobraich an t-iarrtas seo an deasbad às ùr.

Nì Comhairle na Gàidhealtachd co-dhùnadh aig coinneimh air an 17mh den Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile