Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

8 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dìon

Thuirt Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, nach eil dad de shoilleireachd ann am planaichean an SNP son nam feachdan armaichte ann an Alba neo-eisimeileach. Thuirt e, ann an òraid ann an Dùn Èideann an-diugh, gu bheil na mìltean chosnaidhean ann an gnìomhachas an dìon ann an Alba an crochadh air Alba fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte. Dh'iarr ministear Riaghaltas na h-Alba, Keith Brown, air Mgr Hammond fuireach ann an Alba son pàirt a ghabhail ann an deasbad ceart air cuspair an dìon.

Pàipearan-naidheachd

Tha a h-uile coltas ann gu bheil àrd mhinistearan an Riaghaltais ann an Westminster a' dol a dhiùltadh plana ghnìomhachas nam pàipearan naidheachd son smachd a chuir air na meadhanan an deidh na sgainneil mu fhar-chluais air fònaichean. Tha e coltach gu cheil fo-chomataidh anns an Chomhairle Dhìomhair, a tha a' comhairleachadh na Banrìgh, den bheachd nach biodh neo-eisimeileachd gu leòr anns an t-siostam a tha na pàipearan naidheachd a' moladh.

Teintean

Bha dà fhichead 's a ceithir bàs le teintean ann an Alba air a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt am bliadhna. Tha figearan Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil sin sìos 14% air a' bhliadhna ron sin. Bha lùghdachadh mòr cuideachd air an àireamh thursan a chaidh luchd-smàlaidh a ghairm le droch rùn gu teine nach robh idir ann.

Dochann san dachaigh

Sheall aireamhan an Riaghaltais cuideachd gun tàinig àrdachadh beag air an àireamh chùisean de dhochann san dachaigh, a bha suas leth de dh'aon anns a' cheud, air a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt. 'S ann an seann sgìre polais Roinn a' Mhonaidh a bha an àireamh 's motha, a-rèir àireamh an t-sluaigh. Bha an àireamh 's motha dhen na cuisean 's miosa ge-tà ann an seann sgìre polais Shrath Chluaidh.

Am Post Rìoghail

Cha do dhiùlt cothrom air earrainean an asgaidh ann an Royal Mail ach trì cheud agus trì fichead 's ochd de na ceud mìle gu leth duine a tha ag obair dhan bhuidhinn. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad an dòchas mar sin gu bheil mar a ghabh a' mhòr-chuid an cothrom a' ciallachadh nach bi stailc ann. Tha an t-aonadh CWU a cumail baileat an ath-sheachdainn a thaobh stailc a dh'fhaodadh tòiseachadh cho tràth ris an treas là fichead den mhìos seo.

Siria

Thuirt Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin, gu bheil Siria a' cuideachadh le cuir às do dh'armachd chemiceach na dùthcha sin. Tha sgioba le taic an UN, ann an Siria an dràsta a' cur às dhan na h-ionadan anns an robh Siria a' togail armachd chemicich.

Isle of Lewis

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad an dòchas gun till an Isle of Lewis dhan t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul ro dheireadh na seachdainn seo agus 's dòcha cho tràth ris an earar. Tha am bàta san doc ann an Grianaig an-dràsda an dèidh do ròpa cleibh a dhol an sàs ann an siostam a' phropeileir aice Disathairne.