Cùis Ailig MhicLeòid sa chùirt
- Air fhoillseachadh
Thòisich cùis-lagha fhir a bha na chomhairliche air a' Ghàidhealtachd.
Tha Ailig MacLeòid, 21, fo chasaid ann an co-cheangal ri mì-ghiùlain taghaidh.
Nochd am fear-lagha aige sa chùirt às a leth ann an Inbhir Nis Diardaoin is cha do rinn e tagradh sam bith.
Tillidh an gnothach dhan chùirt air an 7mh den ath-mhìos.
Casaidean
Thathas a' fàgail air Mgr MacLeòid gun do chuir e seòladh a bha cearr air a' phàipear-chlàraidh aige ron taghadh ionadail ann an 2011.
Tha e cuideachd fo chasaid gun robh na cosgaisean taghaidh aige nas àirde na bha ceadaichte, is gun tug e fiosrachadh nach robh fìor mu na cosgaisean aige gu oifigich na comhairle.
Thathas a' fàgail air gun do dh'atharraich e na cosgaisean sin às dèidh dha cunntasan fhaighinn bho Caithness Print Solutions agus an John O'Groat's Journal.
Tha e fo chasaid gun do rinn e seo na iomairt-taghaidh aige airson toirt air oifigich a chur air adhart mar thagraiche is mar sin gun deach a thaghadh tro fhoill.
Dh'fhàg Mhr MacLeòid a' chomhairle aig deireadh na Sultuine nuair a chaidh a dhearbhadh gun rachadh casaidean a chur na aghaidh.
B'e an comhairliche a b' òige riamh air a' Ghàidhealtachd nuair a chaidh a thaghadh.
Rannsachadh
Bha e an toiseach na fhear-labhairt Gàidhlig aig a' chomhairle ach dh'fhàg e a' bhuidheann-riaghlaidh agus an SNP fhèin nuair a thòisich rannsachadh air na cosgaisean aige na iomairt taghaidh.
Chum e a' dol mar chomhairliche neo-eisimileach gus an deach casaidean a chur na aghaidh.
Thig fios an t-seachdain seo cuine a bhios fo-thaghadh ann son comhairliche ùr a thaghadh do Ghallaibh.
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun cosg an gnothach £16,000 do luchd-pàighidh nan cìs.