Alasdair MacNeacail air a dhreuchd fhàgail
- Air fhoillseachadh
Tha ceannard thè dhen na buidhnean carthannais as motha anns na h-Eileanan Siar - Treas Roinn Innse Gall - air a dhreuchd fhàgail.
Chuir Alasdair MacNeacail naoi bliadhna fichead seachad aig a' bhuidhinn mus do dh'fhàg e dhreuchd air a' mhìos a chaidh.
Tha e coltach gu robh e mì-thoilichte mun dòigh anns an deach gearanan na aghaidh a làimseachadh.
Tha dùil gum faodadh e a-nis a' chùis a thoirt gu tribunal-cosnaidh.
Poileataigs
Tha Mgr MacNeacail cuideachd aithnichte anns na h-Eileanan Siar airson a bhith an lùib poileataigs - an dà chuid aig ìre ionadail agus nàiseanta.
Bha e roimhe na chomhairliche agus sheas e cuideachd mar thagraiche airson Pàrlamaidean Westminster agus Dhùn Èideann.
Cha chanadh duine bho Threas Roinn Innse Gall càil mu chùis Mhgr MhicNeacail.