Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dealan

Thèid àrdachadh 8% air prìs an dealain do 10m duine a tha a' faighinn an dealan bho Southern Electric, Swalec agus Scottish Hydro, bho mheadhan na h-ath-mhìos. 'S e SSE a' chiad thè de na companaidhean mòra a dh'innis gu bheil iad a' cur suas am prìs airson a' Gheamhraidh. Tha an t-àrdachadh 8% a thrì umhir rèit na h-atmhorachd. Tha SSE ag ràdh gur e cosgaisean a tha a' tighinn orrasan agus cìsean a tha an Riaghaltas a' cur orra as coireach gum feum iad am prìsean àrdachadh.

Am Post Rìoghail

Tha e coltach nach fhaigh duine a dh'iarr luach corr 's £10,000 de dh'earrannan anns a' Phost Rioghail dad de na h-earrannan, leis cho mòr 's tha an t-iarrtas air an son. Thèid na dh'iarr iad a thoirt do dhaoine a dh'iarr an àireamh as lugha, luach £750. Tha an Riaghaltas air prìs gach earrann a stèidheachadh aig £3.30.

Casg

Thèid casg air feadhainn a nì in-imrich mì-laghail a Bhreatainn bho a bhith a' fosgladh chunntasan-banca agus thig orra pàigheadh airson seirbhis an NHS le riaghailtean ùra a tha Oifis na Dùthcha a' foillseachadh an diugh. Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, gu bheil i airson stad a chur air feadhainn a tha a' tighinn a Bhreatainn gun chead, a tha a' faighinn shochairean air nach eil iad airidh agus a tha a' diùltadh an dùthaich fhàgail.

Stòras

Thàinig rabhadh do Riaghaltas na h-Alba bho na comhairlichean eaconomaiceach aca fhèin mun phlana airson stòras ola a stèidheachadh. Tha an aithisg ag ràdh gum feumadh Alba neo-eisimeileach cìsean a chur suas, seirbheisean a ghearradh neo airgead a ghabhail air iasad airson an stòras sin a stèidheachadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag aontachadh ris sin ach gum biodh stòras seasmhach nuair a dh'fhàsas an eaconomaidh nas fheàrr.

Libia

Rinn buidheann le gunnaichean grèim air Prìomh Mhinistear Libia, Ali Zeidan, aig an taigh-òsda anns a bheil e a' fuireach ann an Tripoli. Tha beachd ann gur e dìoghaltas a tha seo airson mar a chuir feachdan Ameiriganach fear de bhuill Al Qaeda an grèim ann an Libia an t-seachdain seo chaidh.

Oighreachdan

Thàinig sgrùdadh fad còig bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean dhan cho-dhùnadh nach e cò an t-uachdaran as cudromaiche do dh'oighreachdan air Ghàidhealtachd ach càirdeas nas fheàrr a bhith aca ris a' choimhearsnachd. Tha luchd-leasachaidh fearainn, a tha airson oighreadan mòra a chur ann an làmhan na coimhearsnachd, a' cur teagamh anns an sgrùdadh oir gur uachdaran beartach a phàigh air a shon.