Fàs aig Clò Mòr Innse Gall

Air fhoillseachadh

Dh'innis a' chompanaidh Clò Mòr Innse Gall gu bheil iad an dùil £1m a chosg air an obair aca a leasachadh.

Tha a' chompanaidh air soirbheachadh gu math bho chaidh a stèidheachadh ann an 2007.

Thèid na goireasan aca aig Muileann Shiaboist a leudachadh agus thèid uidheamhachd ùr a chur an sàs.

Tha a' chompanaidh cuideachd am beachd fàs a thoirt air na tha iad a' dèanamh air-loidhne, a bharrachd air iomairt ùr margaidheachd gu h-eadar-nàiseanta.

Beartan

Cuiridh iad air dòigh cuideachd beartan a bharrachd a bhios rim faighinn air iasad do bhreabadairean.

Tha iad den bheachd gu bheil sin a dhìth an-dràsta gus breabadairean a bharrachd a bhrosnachadh gus a dhol an sàs sa ghnìomhachas.

Thuirt cathraiche na companaidh, Brian MacUilleim, gu bheil iad cho trang an-dràsta is gum bi an obair aca a' dol làn-ùine tro mhìosan a' Gheamhraidh.

Chaidh urram a bhuileachadh air a' chompanaidh mar-thà an t-seachdain seo is iad gam ainmeachadh mar Thosgaire Fasan Albannach na bliadhna aig Duaisean Fasan na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh