Ceist mu thuath-gaoithe Uibhist a Tuath

  • Air fhoillseachadh
Crann-gaoithe
Fo-thiotal an deilbh,
Tha ceist ann mu leasachadh-gaoithe ann an Uibhist a Tuath.

Tha dragh ann gum faodadh gun tèid cothrom air tuath-gaoithe coimhearsnachd ann an Uibhist a Tuath a chall uile gu lèir mura faighear cead-dealbhachaidh a' dh'aithghearr.

Chuir Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath tagradh a-steach 'son tuath-gaoithe aig a' Chlachan.

Tha iad an dòchas gun cruthaich an tuath-gaoithe £6m dhan choimhearsnachd air a' cheann thall.

Chuir Ministreachd an Dìon an aghaidh nam planaichean - mar a tha iad air a dhèanamh air grunn leasachaidhean-gaoithe eile ann an Uibhist - is ceist orra mun bhuaidh air an ràdar aca.

Dàil

Tha an luchd-leasachaidh a-nise ag ràdh gu bheil an dàil a chuir sin air a' ghnothach air ceist a chur mu choinneimh na pròiseict.

"Tha seo a-nise air leth teann", thuirt Cathraiche Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath, Raibeart Friseal.

"Coinnichidh Comhairle nan Eilean Siar a-rithist air an 19mh den t-Samhain. Fiùs ma bheir iadsan cead dhan leasachadh an uairsin, feumaidh an tagradh a dhol gu Riaghaltas na h-Alba son 28 là leis gun do chuir an MOD na aghaidh.

"Chan eil sin a' fàgail againne ach dà là 'son tagradh a chur gu Ofgem - tha e cho buileach fhèin teann", thuirt e.

Uallach

Tha uallach a-nise a' dol air Comhairle nan Eilean Siar seasamh nas cruaidhe a ghabhail an aghaidh an MOD.

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasadan, gur dòcha gun tèid coinneamh èiginn a chur air doigh aig a' chomhairle gus am bi barrachd ùine aig an luchd-leasachaidh.

Chan e sin an aon fuasgladh a th' ann, thuirt e.

"Tha roghainn eile romhainn nan gabhamaid leis a' choinneimh a bhios ann 19mh den ath-mhìos. Ma thig cead dhan phròiseict aig a' choinneimh sin agus ma chuireas a' chomhairle sin air beulaibh an Riaghaltais an ath-là, bhiodh ùine gu leòr ann dhuinn", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh