Bòrd na Gàidhlig a' dìon Comhairle na h-Eaglaise Brice

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Dhf'hoillsich a' Chomhairle am Plana Gàidhlig na bu tràithe an t-seachdain seo.

Tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith a' dìon mar a bha fear de stiùirichean Comhairle na h-Eaglaise Brice ao-comasach air ceistean a fhreagairt air dè dìreach a bh' anns a' phlana Ghàidhlig aca.

Tha còrr air 30 buidheann air planaichean Gàidhlig fhoillseachadh, agus dh'fhoillsich Comhairle na h-Eaglais Brice am plana acasan nas tràithe an t-seachdain seo.

Ach cha b'urrainn do Nigel Mac an Fhleidseir, a bha os cionn a' phlana, mìneachadh a dhèanamh air na prìomh phuingean.

"'S e a thachair dhan duine ach gun robh e air a bhith a' stiùireadh a' phlana tron a h-uile comataidh, 's a h-uile ceum a bh' ann aig a' Chomhairle aig an àm, ach nuair a chaidh a' cheist a chur air air an oidhche, mu dheidhinn dè dha-rìribh a bh' anns a' phlana, cha robh e deiseil airson a freagairt aig an àm, o chionn 's bha e an dùil ri duine eile a fhreagradh ceistean cho mionaideach ri sin, 's gun fhreagradh esan na ceistean mòra," thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh.

"Ach feumaidh mi a ràdh gu bheil an duine taiceil dhan phlana, 's tha fhios aige dè th' anns a' phlana, agus tha sinne gu bhith ag obair còmhla riutha anns na mìosan a tha romhainn airson cuideachadh gus am plana a chur an gnìomh, a' cuimhneachadh gu bheil tòrr cuideim air na comhairlean a tha sin a-nis a thaobh maoineachaidh.

"Tha iad a-rèiste ann an suidheachadh far am feum iad coimhead gu mionaideach gach là ri càite an cuir iad an cuid taic 's mar sin air adhart.

"Tha sin a' ciallachadh 's dòcha gum feum sinn barrachd obrach a dhèanamh còmhla riutha anns na mìosan a tha romhainn na 's dòcha a bhitheadh ann an suidheachadh eile.

"Cuimhnichibh anns an Eaglais Bhric cuideachd, tha iad às aonais stiùiriche foghlaim, agus tha an duine seo air a bhith a' seasamh a-steach airson sin airson na mìos a' chaidh seachad.

"Cha robh a shùil tha mi a' creidsinn, cho mòr air a' Ghàidhlig, ged a bha e aig an fhoillseachadh, 's a bhitheadh ann an suidheachadh eile," thuirt e.