Rabhadh mu bhuaidh àrdachadh prìs an dealain

  • Air fhoillseachadh
SSETùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha SSE a' coireachadh chìsean an Riaghaltais airson an àrdachaidh.

Chaidh rabhadh gum fàg àrdachadh còrr is 8% ann am prìsean dealain Scottish and Southern Energy (SSE) mòran anns na h-Eileanan an Iar nas miosa dheth agus nas fhuaire air a' Gheamhradh seo.

Sin beachd Thormoid MhicLeòid, fear de bhuill Chomhairle nan Eilean Siar, agus fear de stiùirichean Taigheadais Innse-gall (HHP).

Tha esan ag ràdh nach gabh dìon a chur air na rinn SSE agus gum feum an Riaghaltas smachd a chur air na companaidhean cumhachd.

"Chan eil mise a' faicinn adhbhar a dh'òrdaicheadh carson a dh'fhaodadh iad no carson a dh'fheumadh iad ceudad den t-seòrsa sin a chur ris na prìsean aca," thuirt Mgr MacLeòid.

Mì-mhoralta

"Nuair a sheallas tu ris na prothaidean a th' aig na companaidhean a tha sin, tha e dìreach mì-mhoralta gu bheil iad a' dèanamh sin aig an àm a tha seo.

"Chan eil cho fada bho thàinig priothaidean na bliadhna a chaidh seachad a-mach - prothaidean àrd àrd aca.

"Agus chan eil sinn a' faicinn adhbhar. Dè na cosgaisean a bharrachd a tha a' tighinn orra an-dràsta, no a bh' orra thairis air a' bhliadhna a chaidh seachad.

"Chan eil an rud a th' ann a' dèanamh ciall, agus tha e a' dol a dh'fhàgail daoine ann am bochdainn air feadh na Rìoghachd gu lèir.

"Aig deireadh an là, chan urrainn dha duine a' chùis a dhèanamh às aonais dealain.

"Tha iomadach seann duine an seo anns na h-Eileanan, a dh'fheumas tha mi a' creidsinn an teas a chur dheth air an oidhche, airson nach eil an t-ionmhas aca a phàigheas sin.

"Tha sin a' dol a dhèanamh tòrr a bharrachd thrioblaidean, agus tha sin 's dòcha a' dol a chur dhaoine dhan ospadal, tha e a' dol a chur uallach air na seirbheisean gu lèir, ri dotairean agus ri nursaichean, agus 's dòcha na seirbheisean mar a tha iadsan gan toirt seachad, seirbheisean a' chùraim choimhearsnachd.

"Tha a h-uile buidheann a tha sin a' dol a chall a-mach, agus barrachd uallaich a' dol a thighinn orrasan airson a bhith a' coimhead às dèidh nan seann daoine.

"Chan eil mise a' faicinn carson an-dràsta a dh'fhaodadh SSE suas ri 10% - nuair a chuireas tu am VAT ris - a chur air na daoine.

"Chan eil mise a' faicinn adhbhar sam bith nach fhaodadh an Riaghaltas, eadhon an Alba fhèin, a thighinn a-steach dhan rud a tha seo, agus iadsan sealltainn gu mionaideach ris na prothaidean a th' aca, agus sealltainn ris na cosgaisean.

"Chuala sinn mar thà mar a tha am figear a thug iad dhuinn bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean airson Càbal a' Chuain Sgìth a chur an sàs, tha e an dèidh dùblachadh.

"Nise, ann an àiteachan eile anns an t-Saoghal, chan eil na prìsean a' dol an-àirde mar sin, agus tha thìde aig cuideigin a thighinn a-steach agus sealltainn riutha," thuirt e.

Tha SSE ag ràdh gum feum iad an tuilleadh airgid airson an Griod Nàiseanta a chumail ann an òrdugh, agus gu bheil cìsean a tha an Riaghaltas a' cur orra gus taic-airgid a chumail ri cumhachd ath-nuadhachail a' toirt orra prìsean àrdachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh