Dachaigh chùraim gus dùnadh

Taigh Clach na h-Airigh
Image caption Bha luchd-sgrùdaidh iomagaineach mu ìre a' chùraim aig Taigh Clach na h-Airigh.

Thèid dachaigh chùraim do sheann daoine ann an Inbhir Nis a dhùnadh.

Thog Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim grunn thrioblaidean le Taigh Clach na h-Aithrigh air a' mhìos seo chaidh.

Thuirt iad gun robh iad iomagaineach mu ìre a' chùraim agus gun robh rudan ceàrr san dachaigh a bha nan cunnart dhan fheadhainn a tha a' fuireach ann.

Bha dragh orra gu sònraichte mu na h-ùrlaran agus na taighean-beaga.

Dh'iarr air RDS Healthcare, dham boin Taigh Clach na h-Airigh, dèiligeadh ris na trioblaidean.

Dùnadh

Tha a' Bhuidheann-Sgrùdaidh a-nise ag ràdh nach deach na rudan a thog iad a chur ceart agus nach eil roghainn aca ach cur às do chlàradh Thaigh Clach na h-Aithrigh, rud a tha a' ciallacadh gum feum e dùnadh.

Chan eil RDS Healthcare air dad a ràdh gu poblach mun t-suidheachadh.

Tha cola-deug aca 'son tagradh a dhèanamh an aghaidh a' cho-dhùnaidh.

Thuirt Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil iad ag obair còmhla ri NHS na Gàidhealtachd gus àiteachan-fuirich a chur air dòigh dhan fheadhainn a tha a' fuireach ann an Taigh Clach na h-Airigh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile