Beartan air màl bho Mhuillinn Shiaboist

  • Air fhoillseachadh
Clò Mòr
Fo-thiotal an deilbh,
Cosgaidh beart mu £12,000 a cheannach ùr.

Tha Muileann Chlò Shiaboist ann an Leòdhas an dùil sia beartan ùra fhaighinn airson a thoirt air màl dha breabadairean a tha a' tòiseachdainn as ùr ann an gnìomhachas a' Chlo Mhòir.

Cosgaidh e mu £12,000 beart a cheannach, rud a tha a' cur bacadh air feadhainn bho a bhith a' feuchainn air an obair.

Chuir Cathraiche Aonadh nam Breabadairean, Niall MacLeòid, fàilte air oidhirp na muilne barrachd dhaoine a thàladh chun a' ghnìomhachais.

"Rud sam bith a tha a' dol a leudachadh a' ghnìomhachais, tha e gu bhith na chuideachadh," thuirt e.

"Tha seo eadar-dhealaichte seach an rud a bha sinne cleachdte. Thàinig oirnn na beartan againn fhìn a cheannach.

"Air mo shon fhìn, b'fheàrr leam beart a bhith agam fhìn. Faodaidh mi an rud a thogras mi a dhèanamh leatha.

"Ach a' cantainn sin, tha e a' toirt cothrom dha daoine eile, 's dòcha daoine nach eil airgead aca airson beartan a cheannach.

"Bidh e math barrachd bheartan fhaicinn anns a' ghnìomhachas, agus bhiodh e falain barrachd dhaoine òga fhaicinn a' tighinn a-steach dhan ghnìomhachas," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh