Gilleasbuig MacUalraig

  • Air fhoillseachadh
Gilleasbuig MacUalraig
Fo-thiotal an deilbh,
Bha ùidh mhòr aig Gilleasbuig ann an dualchas na sgìre aige.

Chaochaill Gilleasbuig MacUalraig, fear de na daoine mu dheireadh a bha fileanta ann an Gàidhlig Bhaile a' Chaolais on ghlùin, aois 90.

B'e mac mhanaidseir a' chuaraidh sglèata ann am Baile a' Chaolais, agus fhuair e iomadh sgeulachd, agus dual-chainnt bheartach na sgìre aig glùn athar agus a mhàthar.

Thogadh ann an Tigh Phuirt e, agus chuir e seachad a' chuid a bu mhotha de a shaoghal anns an sgìre, ach nuair a bha e san àrm tìde a' Chogaidh.

Nuair a thogadh e, bha an sglèat a' fàgail gur i a' Ghàidhlig a bu mhotha a bha ga bruidhinn san sgìre (b'i cainnt obrach a' chuaraidh) le cultar na Gàidhlig gu beòthail sa choimhearsnachd, agus bha e gu math mothachail gun robh an saoghal a b'aithne dha na òige seachad às dèidh don chuaraidh dùnadh ann an 1955.

Bha ùidh mhòr mhòr aige ann an eachdraidh is dualchas na sgìre, agus bhruidhinn e mu dheidhinn a' chuspair sin air an telebhisean agus air an rèidio.

Bha e fad iomadh bliadhna os cionn Meur Loch Abar a' Chomuinn Gàidhealaich, agus anns na 1990an, chaidh e na Cheann-suidhe air an Fhèille Phan-Cheiltich.

Chaochaill e Disathairne.

Thèid an tiodhlacadh a chumail ann an Eaglais Easbaigeach an Naoimh Moire ann an Gleann Comhann, aig 1:00f Diardaoin 17mh an Damhair.