Iomairt mu sheòmraichean-stiùiridh

  • Air fhoillseachadh

Thòisich am Ball-Pàrlamaid Lib-Deamach air Ghàidhealtachd, Danny Alexander, iomairt airson stad a chur air an oidhirp a tha e ag ràdh a th' aig Riaghaltas na h-Alba seirbheisean poilis agus smàlaidh a tharraing gu meadhan na h-Alba.

Tha ath-chuingean aige airson taic a chur ri bhith a' cumail seòmraichean-stiùiridh nam Poileas agus Seirbheis-Smàlaidh ann an Inbhir Nis.

Tha an t-Seirbheis-Smàlaidh air innse mar thà gu bheil iad a' beachdachadh air àireamh nan seòmraichean-stiùiridh a lùghdachadh bho ochd gu còig airson airgead a shàbhaladh.

Tha aithrisean ann a-nis gu bheil an aon seòrsa plana aig na Poilis. Chuir Mgr Alexander, a tha cuideachd na Àrd-Rùnaire ann an Roinn an Ionmhais ann an Westminster, às leth nan Nàiseantach gu bheil iad a' feuchainn ri seirbheisean a thoirt air falbh bhon Ghàidhealtachd.