Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Inbhir Ghràinnse

Leanaidh còmhraidhean aig ACAS ann an Glaschu an-diugh ag amas air stailc a sheachnadh aig ionad giollachd ola Inbhir Ghràinnse. Choinnich an t-aonadh Unite ri oifigich Ineos, a' chompanaidh leis a bheil an t-ionad, an-dè. Tha dùil gun coisich buill Unite a-mach Didòmhnaich, 's iad mì-thoilichte leis mar a dhèilig a' chompanaidh ri fear de luchd-gairm an aonaidh. Thuirt Ineos gu bheil obair air tòiseachadh mar thà airson an t-ionad giollachd ola a dhùnadh, ach gu bheil iad an dòchas nach adhbharaich an stailc staing connaidh do dhràibhearan.

An Atmhorachd

Cha do charaich prìomh shlat-tomhais ìre na h-Atmhorachd (CPI) air a' mhìos a chaidh, agus e a' fuireach aig 2.7%. Thuirt Banca Shasainn gum bu chòir gun tòisich an ìre a' tuiteam a dh'aithghearr, chun an tairgid aca de 2%.

Cosnaidhean Comhairle

Thèid na ceudan obraichean a chall aig comhairlean na h-Alba anns na beagan bhliadhnaichean a tha romhainn, a rèir àireamhan a chruinnich am BBC ann an Alba. Tha cuid de dh'ùghdarrasan ionadail air planaichean ullachadh mar thà airson dreuchdan a ghearradh, ann an oidhirp gus na buidseatan aca a chothromachadh.

In-imrich

Chaidh naoinear a chur an grèim ann an East Anglia an-diugh, agus rannsachadh ga dhèanamh air luchd-fastaidh a tha a' gabhail brath air in-imrich. Bha 300 oifigear poilis an sàs ann an sreath de rèidean tràth sa mhadainn ann an Wisbech, March agus King's Lynn.

Am Post Rìoghail

Rinn luchd-tasgaidh a fhuair earrainnean anns a' Phost Rìoghail prothaid air pàipear an-diugh de £360, 's luach nan earrainnean aca air èirigh gu mòr. Seo a' chiad là far am faod daoine a cheannaich earrainnean bhon Riaghaltas an reic air margaidh nan earrainnean.

Iorac

Bhàsaich co-dhiù 11 duine, 's chaidh 28 eile a leòn nuair a chaidh boma a spreadh ann am baile Kirkuk ann an ceann a tuath Iorac. Chaidh am boma a spreadh ann am mosg far an robh Muslaimich Sunni a' comharrachadh toiseach fèis Eid al-Adda. Tha faisg air 6,000 air am beatha a chall ann am fòirneart ann an Iorac am bliadhna.

Panda

Agus dh'fhoillsich Sù Dhùn Èideann nach eil am panda boireann aca a-niste leatromach. Tha oifigich den bheachd gun do dh'fhàs Tian Tian torrach anns a' Ghiblean, ach gun do chaill i an cuilean ro àm breith.